New National Library of Scotland strategy
National Librarian Amina Shah has launched the strategy that will take the National Library of Scotland up to 2030, entitled ‘The Next Chapter’.
The new strategy follows extensive consultation with key partners and stakeholders in the public, libraries, culture and tourism sectors, as well as staff from all parts of the Library, and Board members.
‘The Next Chapter’ builds upon the successes delivered in the previous strategy, ‘Reaching People’, during which visitor numbers to its George IV Bridge building reached record levels and the Library continued to enjoy a steady increase in membership.
‘The Next Chapter’ focuses on building on its strong foundations to prepare for the next 100 years, through Responsible Stewardship, Connection and Sustainability. Areas of focus will include working more with young people, further enhancing its already strong track record on sustainability, having more of a presence around the country, and the redevelopment of its main building on George IV Bridge.
National Librarian Amina Shah said:
“This is a pivotal moment for the Library in more ways than one. We are delivering an ambitious programme of events and programmes to mark our centenary, which will continue well into 2026. People around the country are experiencing their national library’s presence where they live, and this is something we will seek to expand in the near future.
“In future-proofing our national collections and access to them, our George IV Bridge building needs to be modernised in ways that are fit for purpose. With current and future audiences in mind, this means investing in technology, suitable storage for the collections, and making our spaces as welcoming, inspiring and inclusive as possible. We have a lot to do, and we can’t wait to get started.”
The National Library’s strategy for 2025–2030, ‘The Next Chapter’, is available to read in both English and Gaelic on our website.
Ro-innleachd ùr Leabharlann Nàiseanta na h-Alba
Tha an Leabharlannaiche Nàiseanta, Amina Shah air ro-innleachd a chur air bhog a bheir Leabharlann Nàiseanta na h-Alba air adhart gu ruige 2030, leis an tiotal ‘An Ath Chaibideil’.
Tha an ro-innleachd ùr seo a’ tighinn às dèidh co-chomhairle fharsaing le prìomh chom-pàirtichean agus luchd-ùidh anns na roinnean poblach, leabharlannan, cultair agus turasachd, a bharrachd air luchd-obrach bho air feadh an Leabharlainn, agus buill a’ Bhùird
Tha ‘An Ath Chaibideil’ a’ togail air na soirbheasan a chaidh a lìbhrigeadh san ro-innleachd a bh’ againn roimhe, ‘A’ Ruigsinn Dhaoine’, nuair a ràinig àireamhan luchd-tadhail gu togalach Drochaid Seòras IV ìrean nas motha na a chaidh a chlàradh riamh roimhe agus lean am fàs ann am ballrachd an Leabharlainn.
Tha ‘An Ath Chaibideil’ ag amas air togail air na bunaitean làidir aice gus ullachadh airson an ath 100 bliadhna, tro Stiùbhardachd Chunntachail, Ceangal agus Seasmhachd. Am measg nan raointean focais, bidh: a bhith ag obair barrachd le òigridh, a’ cur ris na h-oidhirpean làidir againn airson seasmhachd, làithreachd nas motha a bhith ann air feadh na dùthcha, agus ath-leasachadh a’ phrìomh thogalaich air Drochaid Seòras IV.
Thuirt an Leabharlannaiche Nàiseanta, Amina Shah:
"’S e àm ro-chudromach a tha seo dhan Leabharlann ann am barrachd air aon dòigh. Tha sinn a’ lìbhrigeadh prògram àrd-amasach de thachartasan agus phrògraman gus ar ceudamh ceann-bliadhna a chomharrachadh, a leanas air adhart gu 2026. Tha daoine air feadh na dùthcha a’ cur eòlas air làithreachd an leabharlainn nàiseanta anns na coimhearsnachdan aca fhèin agus seo rudeigin a bu mhath leinn a leudachadh ann an ùine nach bi fada.
“Gus am bi na cruinneachaidhean nàiseanta againn agus ruigsinneachd orra freagarrach san àm ri teachd, feumar ar togalach aig Drochaid Seòrsa IV ùrachadh.” Le sùil ri luchd-amais làithreach agus ’s an àm ri teachd, tha seo a’ ciallachadh gum bi sinn a’ tasgadh ann an teicneòlas, ann an stòradh freagarrach airson nan cruinneachaidhean, agus a bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi na h-àiteachan aca cho fàilteach, brosnachail agus in-ghabhalach ’s a ghabhas. Tha tòrr againn ri dhèanamh, agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri tòiseachadh."
Tha ro-innleachd an Leabharlainn Nàiseanta airson 2025–2030, ‘An Ath Chaibideil’, ri leughadh sa Bheurla agus sa Ghàidhlig air an làraich-lìn againn.
Contact Information
Notes to editors
About the National Library of Scotland
The National Library of Scotland is the nation’s living memory – preserving the past, enriching the present, and inspiring current and future generations through access to knowledge, culture, and innovation. We chart the DNA of Scottish society by documenting, preserving and sharing precious collections that capture our past and present. We support education, promote inclusivity, empower informed citizenship, and contribute to the economic and social fabric of the nation. We strive to understand Scotland’s place in the world and to explore connections with our neighbours near and far. We reflect Scotland. Rich, diverse, unfiltered.
Mu Leabharlann Nàiseanta na h-Alba
’S e Leabharlann Nàiseanta na h-Alba cuimhne bheò na dùthcha – a’ gleidheadh an àm a dh’fhalbh, a’ neartachadh an latha an-diugh, agus a’ brosnachadh nan ginealaichean san latha an-diugh agus san àm ri teachd tro bhith a’ toirt seachad cothrom air eòlas, cultar agus ùr-ghnàthachadh. Bidh sinn a’ clàradh DNA comann-shòisealta na h-Alba le bhith a’ clàradh, a’ gleidheadh agus a’ co-roinn chruinneachaidhean luachmhor a ghlacas ar n-àm a dh’fhalbh agus an latha an-diugh. Cumaidh sinn taic ri foghlam, brosnaichidh sinn in-ghabhalachd, bheir sinn cumhachd do shaoranaich fhiosraichte, agus cuiridh sinn ri inneach eaconamach is sòisealta na dùthcha. Tha sinn ag obair gus àite na h-Alba san t-saoghal a thuigsinn agus gus coimhead air ceanglaichean le ar nàbaidhean thall is a-bhos. Tha sinn mar a tha Alba fhèin. Beairteach, eadar-mheasgte, ùrar.